Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/39

This page has been proofread.
25
MAC FHRAING MU DHEIREADH

mar is tric a chuala sibh. Cha bhi a’ Moraire Goiridh fada tuilleadh.”

“’S docha nach bì!” fhreagair Una le ospaig chràitich, ’s i leagail a sùl le cianalas air an leanabh ri ’taobh. “Nach ann dhut a dh’éirich e!” ’s i ’ga phasgadh teann ri h-uchd. “Mu’n tig bristeadh na maidne bidh tusa ’nad dhìlleachdan, is feachd fuilteach na h-éirig a’ cur bàs-ruaige air t’athair.”

“Thig cùl-taic far nach ruig tubaiste,” ars’ Ealasaid a’ casgadh an achmhasain. “Agus théid ioma ceann an currac—ma’s idir a thachras e—mun tig an latha sin.”

“Cha bhreislich m’ fhàisneachd,” thuirt Una air a socair, “ged is cruaidh an t-aideachadh e bho leabaidh na h-eiridinn, is tatar a’ cheum-bàis cheana air an starsnaich.”

“An oidhche ’s a’ lath’!” ars’ Ealasaid a’ fàsgadh a làmhan. “Nach ann orm-sa thàinig e. Dia ’gam chuideachadh! Feumaidh sibh sgur a bhruidhinn, neo togaidh e fia——”

“‘Sgur a bhruidhinn,’ thuirt thu? Fior, agus ro-fhior tha do chomhairle. Abair ri Fioschluas, dalta Fear Eilean Donnain, gu’ bheil mi air son fhaicinn, ma tha e gun an caisteal fhàgail.”

“Mo chuid ’s mo nàire!” fhreagair Ealasaid le ioghnadh. “Cha’n àite fir an seòmar so aig a’ leithid de dh’ àm. An oidhche ’s a’ latha!”

“’S dòcha gu’ bheil thu ceart, Ealasaid; ’s cha choirich mi t’fhaiceall. Nise, bho na dhearbh thu do dhìlseachd, tha nì diomhair agam ri earbsa riut.”