Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/43

This page has been proofread.
29
MAC FHRAING MU DHEIREADH

“Tha i beò,” fhreagair Ealasaid; “ach ’s e sin uileadh e.”

“Dé thuirt thu?”

“Cha dubhairt mi ach an fhìrinn,” labhair i gu dàna. “Na’m bu chéile-pòsda mar bu dlighe thu, b’ e t-àite ’san uair so, bruaich a leapa. Dean cabhag gu h-obann, neo bidh do chaoidh far nach bidh a leasachadh.”

Thug Mac Fhraing a chùlaobh ri Ealasaid, agus lean ise ceum roimhpe.

Ràinig e seòmar na h-eiridinn. “A bhean mo chridhe,” thuirt e le fàilt’ is cumha, “thug thu mac do ’m chinneadh, ach is suarach a-nochd oighreachd Mhic Fhraing.”

“A! Ghoiridh,” fhreagair ise le sùil shiltich, “an e so t-aoidheachd do mhàthair do ghineil? C’arson a bha do thighinn cho anamoch?”

Chrom e cheann, phòg e ’bilean dearg-thioram, agus dh’ fhan e ’na thosd. ‘Cha’n urrainn mi ìnnse dhith,’ thubhairt e balbhach ris fhein; ach bha e ag ùprait ’na inntinn gu’n robh a h-amharus a’ breithneachadh a chùraim.

Dh’fheith a bhean air son an leisgeil nach d’ fhuair i. Phaisg Goiridh Mac Fhraing, Moraire Chaisteil Mhaoil, a làmhan air uchd; ghabh e ceum a dh’ionnsaidh uinneag an t-seòmair, agus gun lide tuilleadh a chanail, sheall e dian a-mach.

Bha ’n oidhche gailbheach, ’s a’ sìor dhol am miosad.

“A!” smuaintich e an teanntachd na h-éiginn. “’S ann fo sgàile nam bealach gaothar a leagas Mac Fhraing