Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/53

This page has been proofread.
37
BEUD IS BACADH

cinnidh. Ach ma tha an fhriamhag a’s lugha de dh’fhuil nan Gaidheal annad, cha ghabh thu iongantas dhe a dol-a-mach. Co-dhiùbh, thug Iain Og, mo nàbaidh, beachdan domh mu’n chùis air nach deanadh sgobag dearmad. Is tha mi riaraicht an diugh leotha.

Nach iomadh oidhche chridheil, a chuir mi seachad leis; agus céilidh mhór a chruinnich ’na fhàrdaich. Fuar, no fliuch do’m biodh an aimsir, cha’n fhaicte taobh a chagailte falamh. An oidhche ’san latha! Cia liughad crùban a rinn mi-fhin ’nam ghiullan, fo chabair a thighe, nuair nach ruigeadh mo shròn air àileadh an teine, leis cho dùmhail ’s a bha’n fheadhainn bu shine mu thimchioll.

Cha bhiodh, mar sin, breacadh mo sgeòil ach mu làimh, mur a tug mi iomradh air Iain Og Mac Rath, bho’n d’fhuair mi i. Oir is ann bharr a chuimhne-san, a bhuilicheadh mar a chaidh do Mhac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil, agus do Mhorair Eilean Donnain.

Bha naigheachdan a’ dol, a dh’ìnnseadh e fada na b’fheàrr na Iain Pìobaire, no eadhon Niall Mac Lachlainn Bhàin. B’ann diùbh an té so. Is ged nach robh e buileach, cho fiosrach ri Iain Pìobaire, bha ghin-smuainte ann an ealain air thoiseach orra le chéile. Chuireadh e air a’ mhodh sin, blas air seanachas a b’fhiach da luchd-éisdeachd tarruing a-rithisd air.

B’e sin caisleacheadh smuainte air a feobhas, nuair a rachadh e air oir ri, ‘Mac Fhraing mu dheireadh.’

Fhuair Iain Og aois mhór; agus chunnaic e iomadach atharrachadh a’ dol an gnè a luchd-dùthcha mun d’fhàg e an saoghal. Theireadh cuid gur h-ann aige