Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/58

This page has been proofread.
42
AN T-OGHA MOR

“Fhearchair,” thuirt i. “Cha’n’eil mi idir socair ’nam inntinn gu’ bheil thu làidir gu leòr gu dol a-measg nan Gall ’s nan coimheach.”

“Ciamar as an Fhreasdal a dhearbhas mi chaochladh dhuibh?” fhreagair esan.

“Ma théid agad air,” ars’ ise, “cha bhi e idir duilich dhut. Ma thogas tu Clach-mhór an t-Sìthein ’s na cuileanan oirre, chi mi thoiseach.”

Rinn Fearchar mar a dh’iarr i gun spàirn.

“Cha’n’eil mi fhathasd socrach,” lean i oirre. “’S ann a dh’fhiachas mi-fhin ’s tu fhein car-carachd. Ma chuireas mise ri làr thu, tillidh tu dhachaidh lium; ach ma leagas thusa mise, tha taghadh do rathaid agad gun chùram dha d’mhàthair.”

Dé th’agad air ach gu’n deachaidh Fearchar ’s a mhàthair ann am bad a’ chéile. Thug ise ’n còrr ’s a dhùbhlan da, gus ’na chuir i mu dheireadh, le aillseadh is bacaig, air slaisneach a dhrom’ e. Thill Fearchar dhachaidh, ’s cha do thog e sùil ri saighdearachd riamh tuilleadh.

“An cuir e annas a-nis ort,” chum Iain air aghart mar [1]bhàiristear an talla-casaid, dé cho beag saothair ’sa bhiodh e do bhana-ghaisgeach dhe’n t-seòrs’ ud, bàta-beag a thoirt air a dà-ràmh, eadar an Caisteal Maol is Eilean Donnain?”

Dh’ aontaich mi leis aréir m’fhiosrachaidh; ged a bha’n còrr agus lath’ is bliadhna mun do dhearbh mi dhomh fhin gu’m biodh uisge lom aice, cho fad ’sa sheachnadh i broluinn nan cuartag ’sa’ chumhann.

  1. fear tagraidh