Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/59

This page has been proofread.
43
BEUD IS BACADH

III

Bu toigh le Iain Og deadh fhear éisdeachd. Oir is minig a chuala mi e ’canail, le smachd ’na ghuth—gu’m bu lugh’ air n’am peasan, a bhi cluinntinn seana-ghille ’sa bhial a’ti’n thairis air. Cha’n ann idir a’tagairt bradain an cabhuil dhomh fhin a tha mi ’san rathad so. Ach tha e dleasach do bheus, gu’n deanainn aithris air bunadas mo sheòl-sgrìobhaidh. Bha mi air a’ mhodh sin a’ gabhail ri pongalas na chuir e chomain orm, mar ri bainne blàth bho làimh banachaig. Agus tha’n t-seadhachd a ràinig m’ùidh-sa r’a linn, a-nise ’na thoradh air.

Chaidh, mar a chanadh e fhein, a turus le Ealasaid mar a miann. Cha’n e mhàin gu’n d’fhuair i tre dhaingneach Eilean Donnain, gun bhacadh, no amharus; ach thug i (eadar i fhein ’sa piuthar) giorra-shaoghail do bhean Mhic Coinnich, bu mhorair ann. Agus cia b’e dé a’ chuilbheart agartach a bha ’nan rùn, roghnaich, is ghabh iad fàth air leanaban an dà theaghlaich, iomlaid.

Bha deireadh na h-oidhche aice mun d’rinn i taobh Chaol-Acainn deth. Thainig gnè de shìoladh air an stoirm ’s a’ ghaillinn a bha séideadh, suas ri dà latha gun dìobradh. Tharruing i sròn a’ bhàta os-cionn na [1]tiùrra; agus rinn i sin air a dachaidh ’na h-aonar, mar chapall-coille dol air fiaradh nan cruachan.

Bha ’còmhnuidh ann am baile-tuath Phlàmarscaig, mu thrì mìle bho chorran a’ Chaoil. ’S e fear, Mac Uaraig a mhuinntir Ghearr-loch, ris an canadh iad, Domhnull nan Luibhean, bu chéile-pòsda dhith.

Cha b’ann idir le magadh a fhuair Domhnull Ghearr-

  1. roip làin-mara