Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/68

This page has been proofread.
52
AN T-OGHA MOR

h-éucail a bha cur air a’ Bhan-righ. Agus mun tug e làmh air an còrr a dheanamh, chuir e mar fhiachaibh orra-san a bha làthair, an seòmar fhàgail.

Rinneadh mar a dh’iarr e; agus cha do ruith ach giorrad na h-ùine gus an tug e fios gu’n robh a’ Bhan-righ air taobh an fheobhais.

Ge bu dé an ìnnleachd a ghabh e, no an t-eòlas a chuir e an cleachdadh, fhuair té na h-eiridinn faochadh. Ach a-chionn nach tug e fhein, fior-shoilleireachd riamh air na thachair, tha chùis, mar a bha i, fhathasd ann an ruith nan toimhseagan.

Dh’aindeoin co-dhiùbh, cha’n’eil sinn ’na eisimeil buileach, a thaobh gnothuch diomhair an fheasgair ud. Oir ged nach tug am Moraire Herbheidh iomradh ’sam bith air, bha sùil eile air fàireadh bho nach d’rachadh rud éiginn as. B’e so, am Moraire Godo, nach do leig an cothrom riamh seachad, na’n toireadh e fealla-dhà da chompanaich, nuair a bhiodh an t-òsdair a’ sìneadh nan cuach.

Bha’n t-uasal ud ionnsaichte thar tomhais; oir bha bhuadhan nàdarra fad os-cionn na buil a b’fheàrr do’n chuir e ann an éud a chothruim iad. Ach bha thlachd ann an cuideachda nan ìochdran—is air an droch-bhéus aige sin. Nuair a dh’ainmichear gu’n robh géurad-inntinn, is meomhair àrd-ghliocais ’gan iomlaid leis ann an drùghadh searrag an fhìona—tuigear gu’n robh e diabhlaidh coma, co-dheth a dheanadh e cùis-bhùrta. Mar bu trice, ’s e gillean nan each, no leannain easgaidh na h-oidhche, a thigeadh fo ùidh an toiseach. Cha do