sùla gun fhios da, air leannanachd a rùin. B’e sid ionad, is féill an t-sùgraidh gun teagamh. Cha robh tilleadh air togairt ach seòltachd, no, air uair—buillean de chlaidheimh neo-amasach. Tha iad ’san t-Strath againn fhin, nach cuireadh carbhaidh-geal an sùil rodain; tha iad ann cuideachd, nach taghadh bean-bainnse a cùirt Rìgh Seòras, gun urras a saoraidh bhi an toiseach air bhrath aca.
Bha so, is iomadh rud eile gun iomradh air, mur a b’e gu’n robh a’ Moraire Godo ’sa’ chuideachda. Oir na’n do ghabh esan ealla riutha-san nach buineadh da, dh’fhàg mi eachdraidh na linn ud, far na laidh i. Ach cha’n ann idir airson aobhar càinidh a dh’ainmich mi na nithean so. Tha aobhar na’s truime na sin ’gan earail.
Thuirt mi cheana gu’n robh a’ Moraire Godo de chomunn a’ ghreadhnachais air an fheasgar ud, mar a bha e air iomadh oidhch is feasgar roimhe sin. Cha b’e an t-àdh e na’m b’fhior do chuid. Le feadhainn eile, bha e ’na dhroch [1]spaidhe, nach taobhadh a h-aon gun cearb a bhi’n iomall air.
Co-dhiùbh, thainig e le siùdan tarsuinn air feadh chàich, mar chìobair ’s e tearbadh chrogaisean. Ged a bha’n deadh smùid air, is math a b’aithne dha gnè a chuartachaidh.
II
Thug e an aire d’an triùir dhotairean leotha fhein; is rinn e dìreach orra.
“An taobh so, uaislibh,” thuirt e ’s e snaoitheadh a chinn.
- ↑ aimilisg