Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/74

This page has been proofread.
58
AN T-OGHA MOR

Chuir mi an teist so gu taobh gus an tainig mo ghnothuch ris a’ Phrionnsa, mur a bitheadh gu’ bheil e iomchuidh airson soilleireachd an t-suidheachaidh anns ’na thachair an triùir dhotairean ’sa’ Moraire bhi cuideachd. Ma-dh’fhaoidte gu’n robh an dearbh aithris a cheart cho obaig dhaibh-san mar an ciadna, ged nach do leig iad a’ bheag orra ri chéile. Bha iad mar sin car ùine, agus gach fear dhiubh a’ cnàmh a bheachd ann an tosdachd a rùin.

“Dé ’ur barail?” thionndaidh a’ Moraire ’se coimhead an aodann fir mu seach aca. “Dé ’ur barail?” thuirt e rithisd. “Saoil-sibh an tig a’ Bhan-righ bhuaidhe, ma leanas an lighich Albannach air a frithealadh?”

“Ma gabhas e deanamh,” fhreagair fear, “théid le Mac Uaraig—Albannach ann no as, biodh e!”

“An cuir sin dragh ort?” lean e air aghart. “Tha cuid a chanas gu’ bheil magadh cho marbhtach ri puinsean na minmheir. Stadaibh!—Dé theireadh sibh na’n ìnnsinn c’arson, nach do ruith a’ chuisle aig a’ Bhan-righ, nuair a bhuail an lighich i? Eh?”

“Chunnaic sinn air ar son fhin,” fhuair e mar fhreagairt.

“Am faca sibh so?” arsa ’Moraire ’s e cur lannsa air a’ bhòrd m’an coinneamh. “Dé ’ur barail? An tarruingeadh an rud sin fuil; saoil-sibh?”

Bheachdaich fear an déigh fir dhiubh, air an sgein-fhola gu dearcnach mean; ach cha robh a h-aon aca fhuair eadar-dhealachadh innte thar an eòlais.

Leig a’ Moraire leotha gus an robh iad deas de laimhseachadh.