Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/75

This page has been proofread.
59
RIOBA NAM BAN

“Nach mairg a dh’iarradh an t-àm-latha anns na sùilean agaibh,” thòisich Godo ’s e togail na sgeine gu nochdaidh. “Nach tug sibh an aire do’n ghnoban so?” ’s e aig a’ cheart àm a’ cur a chorraig air a bhann a’ bha ceangal an liagh ris an làmhaid. “Nis,” ars’ esan. “Nuair a bhrùthas mi so, faic dé thachras; tha’n t-iarunn las is ruithidh e air ais. Ach brùth a-rithisd e, agus dé th’agad?—Lannsa chaol is clais innte. Cuiridh mi leith-char anns a’ chnò th’air ceann na làmhaid, agus dé chi thu?—”

“Oh!” dh’éubh iad còmhla air dhaibh boinnean de shruth liath-ghlas fhaicinn a’ tuiteam bho’n lannsa. “C’àit’ an d’fhuair thusa sin? Buinidh an sgian-fhola sin do’n Lighiche Mac Uaraig. Chuala sinn uimpe bho iomadh cearna; ach cha’n fhaca sinn duine riamh a laimhsich i.”

“Ach am fear so,” leasaich a’ Moraire. “C’àit’ an d’fhuair mi i? Innsidh mi sin duibh cuideachd. Oir cha’ n’ eil sibh gun fios gu’m beil dà eagal ’san aitreamh so: eagal air a’ Bhan-righ gu’m bàsaich i, agus eagal air a’ Phrionnsa nach bàsaich. Hi! Ho! Tha’m barrachd is aon dorus tre’n ruigear seòmar-seirbheis na Ban-righ. Ach, foighidin! An cuir a h-aon agaibh soilleireachd air a’ chùis so? Aig ceann-as an t-seòmair, tha cùil-chlàr, agus i fosgladh a-mach a dh’ ionnsaidh rùm-taoibhe. Ann an oisean na cùile so, tha caora bhrucach le rùsg geal, teadhair mu h-amhaich, is an ceann aige sìneadh—ach am falach—gus an ruig e seòmar na Ban-righ, far am beil e an ceangal ri posta na leapa——”