Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/78

This page has been proofread.
62
AN T-OGHA MOR

Frangach. Hi! Ho! ’S dòcha gu’n cuir a’ Bhan-righ fios-gun-fhios do’n Dotair Mac Uaraig oirbh fhathasd.”


III

Bha e cheana air éirigh bho’n bhòrd, ’s a’ teannadh a-stigh ri Diùc an Ur-Chaisteil, nuair a bhuail am Prionnsa ’san dol-seachad e. Thainig iad an comhair a’ chéile cho amasach, agus gu’n soileadh maolan nach robh ann ach [1]failmse. Cha’n ann mar sin do dh’fhear nan cluasa biorach e. B’e esan, oifigeach òg—Captain Iain Tolmach, mac bràthar do dh’Fhear-a’-Choire, no an Ridire Tolmach.

“Shluig iad an càmhal ’sa ghaoisid,” chual e Moraire Godo a’cogar ris a’ Phrionnsa.” Cha toirinn bonn-a-h-ochd air a’ chluasaig air an cadail an Lighiche Mór mun tig a’ mhaduinn.”

Cha do ghlac Iain an còrr. Oir tharruing an dithisd eile ceum còmhla gu taobh. Shaoil e gu’n dubhairt iad rudaigin mu, ‘iasg air moglachadh.’ Ma shaoil, thainig amharus gobach ’na inntinn nach robh slighe na fìrinn gun cas-shiubhal a’ chealgaire.

Bu ro-mhath’ eòlas air caitheamh-beatha ’Phrionnsa. Ach có e an t-ablach do nach b’aithne sin? Aig a’ cheart uair, thainig am beachd ’na rùn nach b’e chuid no ghnothuch, smaointinn gu h-olc mu oighre ’chrùin do’n tug e sheirbheis. Is dualach gu’n do leig e mar-a-bha seachad leis a’ bharail so. Ach air an làimh eile, cha robh a dhleasanas ri thagairt thar a mhionnain da rìgh. Dh’aindeoin so fhein, theagamh gu’n a ghabh e comhairle Clag Scàin—‘An rud nach buin dut na bean da!’—

  1. tuiteamas