Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/83

This page has been proofread.

CUIRTEARACHD

An rud a nìtear ’sa’ chùil, thig e am freadharc uaireigin

—SEAN-FHACAL


Tha eachdraidh a’ canail gu’m b’e Alasdair Domhnullach, mac bràthar do Shir Alasdair Shléibhte, ’na latha, bh’anns an oifigeach òg a thainig an cois an iomraidh so. Ach bha Iain Pìobaire—’s cha robh e faoin air sloinneadh—dian de’n bheachd, gur h-e bh’ann Iain Ruairidh, no Fear-Scalpaidh. Tha bial-aithris co-dhiùbh, a’ roinn an teagaimh; is ged nach’eil e furasda creideamh linn is linn a thoirt a stéidheadh, bheir boisg an aobhair a leanas an fhianuis, nach robh eòlas Iain Phìobaire idir air seachran.

Air mo shon fhin deth, gabhaidh mi ri cunntas Iain, mar earras air ainm is tapadh an òg-Ghaidheil, a ghabh eadraigin a luchd-dùthcha os laimh. Is na’n robh fad-saoghail an dàn da, nach dòcha gu’m biodh iad ann de shìol an diugh, na dhleasadh ainm le uaill mar cheann-gin. Ach, mu’n d’thuirt Iain, cha’n’eil toil an dàin ri agairt.

Mur an robh an Suidhisneach fhein ann, no Niall Mac Lachlainn Bhàin—latha dha robh e— cha mhór, airson sin, a leigeadh a-leas dol an ceann-sgeòil ri Iain Pìobaire. Tha e nis air slighe-na-fìrinn; ach an t-alt anns an cuireadh e dol-a-mach an Ogha Mhóir air ghléus, cha ghabh e toirt le cainnt duine eile. Eadar

D