aige; cha’n’eil ann ach cuspair Sasunnach, co-dhiùbh; is ghabh e’n dòigh fhein da. Chuir e sios eachdraidh ann an dealbh-cluiche, ach le caomhnadh nam facal—mar so:”
Thog Iain a bhois cheàrr, is ruith e criochan le chorraig as leith-oir a’ chéile, cho eagnaidh, soilleir, briathrach, ’s nach robh dragh ’sam bith agam a leanalt.
A’ Chiad Fhosgladh
SEÒMAR NAN CUILBHEART
[An triùir mu bhòrd]
Am Prionnsa.—Dunoidheas; thuirt thu ’n ceartair gu’ bheil bràthair agad air mhuinntireas aig Smeleidh, an t-Apotacaraidh, Albannach? Tha mhaighstear a’ cur meas air eòlas; c’ ainm a th’ air?
Dunoihdeas.—Cuifein.
Am Prionnsa.—Brod an ainme. Nise, thuig mi bhuat gur h-aithne do Chuifein cungaidh a mheasgnadh nach cnàmh goile. A’ bheil thu ’gam leanalt?
Moraire Godo.—Seadh; an cungaidh sin a leighiseas dragh inntinn na’s momha na dragh bodhaig; ìocshlainnt airson easlainnt, far nach seas an leòn àite gearain do dhithisd.
Am Prionnsa.—Saoil thu, Godo, a’ bheil Dunoidheas