a’tuigsinn ciod i a’ cheàrna bho’m faigheamaid faochadh? Ma dh’fheitheas sinn gus an toir a’ Bhan-righ galair a bàis chum ar riarachaidh, fanaidh sinn gus am fàs an fheannag ’na buidheag-luachrach. Nise, ìnnleachdach is gu’ bheil Dunoidheas, tha e sgrùdadh nan speur airson rian an fhortain tha cheana fo làimh.
Dunoihdeas.—’S e dòigh ùr——
Godo.—Bithidh iad ag òl ann an Aqua Vitae; ach thoir dhomh-sa Acqua Tofana, no, ma thogras tu, Acqua di Perugia, a bheireadh leannan do dh’ fhear, is rìoghachd do dh’ fhear eile—le tapadh air an dàrna làimh, is seòltachd air an làimh eile.
Am Prionnsa..—Iadsan a bhios dàna ann an seirbheis am Prionnsa, tha’n duais air thoiseach orra. Gheibh iad seòl air bacadh a thilgeadh gu taobh—[Thainig stad an so air.]
Godo.—Mar léig thar uachdar tobar-iaruinn; ’sa dheanadh gniomh caraide gun cleòca ceisteir a bhi ’ga fhalach. Acqua Tofana; Acqua di Perugia—cungaidh a bheir misneachd do dh’ fear-casaid ’s e ’n éis.
Dunoihdeas.—Ciamar, saoil sibh, a théid agamsa air ’na tha ’san aire agaibh a thoirt gu buil?
Godo.—’S aithne dhut dannsadh ri ceòl fìdhle; ’s aithne dhut fiosachd a thoirt a uisg’ is gloineachan; ’s aithne dhut cion-fàth gach beatha,—iadsan a shireas t’fhoghlum—fhaotuinn ann an iùil nan reult; chi thu triall is tograidhean dhaoine ann an cuartagan ceò; bheir thu ìocshlainnt air easlainnt le tomhas cho cuimseach ’s nach cuir iadsan a dh’ earbas riut an ath fheum air do chomaradh leotha.