Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/96

This page has been proofread.
78
AN T-OGHA MOR

Tigh a' Mhoraire Godo

[Cuirm fo h-uidheam]

An Darna Righ Seoras
A’ Bhan-Righ
Moraire Godo (is còmhlan de dh’ uaislean ’sa’ mnathan)
Moraire Bolaingbroc
Morair’ Ile
Fraulain Sgliurach (Bana Ghermeilteach, is ban-òglach an rìgh)
Diuc Earraghaidheal,
Dunoidheas (Fìdhlear a’ Phrionnsa ann an culaidh-eithich)

An Righ.— Có e am fear so, Uileam Pit, a tha Bolaingbroc is Diùc an Ur-Chaisteil a’ tarruing ’nam sgòid? Bheir e chasan bho Ualpol air a’ cheann thall. Tha’n òig air fhathasd; ach tha meomhair is teanga aige bheir iompachadh air fad na rìoghachd.

Diuc An Ur-Chaisteil.—Cha mhisde Ualpol idir am beagan tillidh. Tha e fada gu leòr ’na rìgh.

A’ Bhan-Righ.—Na’n do labhair an Diùc bho threibhdhireachd cridhe, thigeadh e dhuinn géill a thoirt da cheasad. Cha’n’eil Ualpol dheth na h-ainglean; ach ’s ro-iomchuidh an t-olc tha fuaighte ris ann an seirbheis a dhùthcha, na’m bial-briagha thig bho fheinealachd is inntinn mheata. Ged nach deanadh e de ghean-math ach seasamh eadar cuilbheartan a’ Phrionnsa, agus an rìgh ’s a’ Pharlumaid, dhearbh e sàr a ghliocais.

Bolaingbroc.—Cha tig e dhomh-sa cur an aghaidh beachd na Ban-righ, a tha’n còmhnuidh baranta.