Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/99

This page has been proofread.

EARRAIG CHEILLIDH

Am fear a ghleidheas a theanga, gleidhidh e charaid

—SEAN-FHACAL

Bu ghrianach geal, an latha chuir mi seachad le Iain Pìobair’ aig Tobar-a’-Staing. B’aotrom talach air cuisle ann an da-rìribh; oir bha’n inntinn òg, is glibheid na beatha fhathasd gun a h-asaid ann an cian an astair. Mo thruaighe! Cha’n’eil an uiridh ann, ni momha thig an dé gu bràth air ais. Tha grian air cearcall nan spéur mar a bha, is eireachdas nam beann, gun éis a’ seasamh, ged a shuaineas, air uairean, an ceò ’gam falach. Togaidh am fiadh a chabair le mórachd air còmhnard nan ìochdar—ionnan ri tùs ar n-eòlais, ’s e gun annas de thriall nam marbh. Cha tig bristeadh air luinneag eòin adhair; ’s cha chaill iad an gléus ann an dlùth nan crann.

Tha socharan an lath’ ud na’s ùire ’n diugh domh na bha iad an uair sin. Co-dhiùbh, tha bhuaidh ac’ air m’inntinn cho dealbhach, deas, ’s gu’ bheil gnàth na choinnich mo shùil r’a linn, ullamh gu ti’n thugam le ionndrain.

Chi mi fear, gun bhonaid, gun chòta, gabhail bealaich air caoraich na Beinne-bige; is fear eile stuigeadh chon mu Lón-’ic-Alasdair-Oig. Cluinnidh mi fead, is comhart mu seach, ag iarraidh nan aonach; agus beò Choire-nan-clach ann an sunnd ’gam freagairt.

E