173416An t-Ogha Mor — Mac Fhraing mu dheireadhAngus Robertson
[ 23 ]

MAC FHRAING MU DHEIREADH

Is ioma nì ’thig air an laogh nach do shaoil a mhàthair

—SEAN-FHACAL

Dorcha mar chiar nan càrn bha blàr-a-muigh; fuar fuar, bha sitheadh na gaillinn, agus duabhara bathais nan aonaichean balla-bhreac. Gu h-ard, ’s mu’n cuairt, chluinnte uirghioll a’ bhith-ànraidh a’ stadhadh nan dùilean, is sgread nimheil a chorruich ag osnaich mu lùib nan gleann fàs. Bha lom-thuar a’ còmhdach nan sliabh fuaraidh; agus có am fear-coise cho dalma ’s a thogadh ceum ri bealach? Mar a dh’ aithris an seann-duine: bha toirm ann an glaic na doinnin chuilbheartaich, ’s i fuineadh na fairge mar thaois—an dràsd, a’ togail gharg-thonna caoranach, glasa, ’san sin ’gan toinneamh ’s ’gam feannadh, gus an caill iad an cruth ’san gluasad ann an gàir-chobhar nan storc-maistridh.

Ach ged a bha onfhadh an reilig na h-iarmailte, bha ’n Caisteal Maol—mar a bha e iomadh latha bho chian—seasgair air [1]asgail an tulaich, dh’ aindeoin ’s gu’n robh flinne ’s gaoth, gun dìobradh a’ failceadh a gharbh-bhalla, fad cheithir uairean fichead, agus cur is cathadh a’ flodraich uinneagan fiarach na faire.

“Tha’n glaodh ’nam chluais, Ealasaid; gu’n gleidheadh Dia na’s àill lium!” labhair Una, bean Ghoiridh Mhic Fhraing, is baintighearna Chaisteil Mhaoil.

[ 24 ]Bha manadh ’na guidhe chuir dragh is cùram air Ealasaid, a’ bhean-ghlùine. Is cha robh a h-iomagain gun a leisgial. Nach robh naoidhean nam beagan thràthan a’ rànaich air son na dibhe nach tigeadh ris, ’s gun an t-seachdain fhathasd bho’n a dh’ asaideadh a mhàthair air oighre do Mhac Fhraing?

“Nach e Moraire Goiridh tha fada gun tilleadh?” lean Una air aghart—a bilean air chrith, is sùil luaineach an fhiabhruis-asaid a’ losgadh ’na ceann.

“’S e tha, gu dearbh,” fhreagair Ealasaid, ’s i ag amharc le caomhalachd air blàth bhuadhan na màthar òige. Gu’n robh i ann an trom thinneas bha e tuilleadh is soilleir. Ach bha a snuadh, spioradail ’na dhreach—rughadh nan ròs le àirde fiabhruis air a gruaidh, agus a gruag a’ tuiteam mar lùban òr-dhealt air a cluasaig, far an robh a làmh chumadail sìnte, agus duail dheth an glaic a meòirean geala.

“Ealasaid,” thuirt i le fonn grad; “tha amharus agam gu’bheil an còrr ’nad chleith, na tha ’nad fhaiceall. A’ bheil fios agad dé tha cumail a’ Mhoraire?”

“Ma ’s e naigheachd amharus, tha eagal orm gu’m b’ fheàrr lium ann an so e, na far a’ bheil e. Ach cha’n ’eil sin ag ràdh nach’eil mathas an Fhreasdail maille ruinn.”

“Gu dé dha sin!” smachdaich Una. “Cha leasaich bròn breamas. Tha mi fo chùram ’s fo iomchoir. Thug mi oighre do cheann-cinnidh Mhic Fhraing, ach dé a thachras?”

“Na cuiribh sibh fhein mu’n cuairt, nic-a-chridhe! Nach’eil fios agaibh-se gu’n tig furtachd le foighidinn, [ 25 ]mar is tric a chuala sibh. Cha bhi a’ Moraire Goiridh fada tuilleadh.”

“’S docha nach bì!” fhreagair Una le ospaig chràitich, ’s i leagail a sùl le cianalas air an leanabh ri ’taobh. “Nach ann dhut a dh’éirich e!” ’s i ’ga phasgadh teann ri h-uchd. “Mu’n tig bristeadh na maidne bidh tusa ’nad dhìlleachdan, is feachd fuilteach na h-éirig a’ cur bàs-ruaige air t’athair.”

“Thig cùl-taic far nach ruig tubaiste,” ars’ Ealasaid a’ casgadh an achmhasain. “Agus théid ioma ceann an currac—ma’s idir a thachras e—mun tig an latha sin.”

“Cha bhreislich m’ fhàisneachd,” thuirt Una air a socair, “ged is cruaidh an t-aideachadh e bho leabaidh na h-eiridinn, is tatar a’ cheum-bàis cheana air an starsnaich.”

“An oidhche ’s a’ lath’!” ars’ Ealasaid a’ fàsgadh a làmhan. “Nach ann orm-sa thàinig e. Dia ’gam chuideachadh! Feumaidh sibh sgur a bhruidhinn, neo togaidh e fia——”

“‘Sgur a bhruidhinn,’ thuirt thu? Fior, agus ro-fhior tha do chomhairle. Abair ri Fioschluas, dalta Fear Eilean Donnain, gu’ bheil mi air son fhaicinn, ma tha e gun an caisteal fhàgail.”

“Mo chuid ’s mo nàire!” fhreagair Ealasaid le ioghnadh. “Cha’n àite fir an seòmar so aig a’ leithid de dh’ àm. An oidhche ’s a’ latha!”

“’S dòcha gu’ bheil thu ceart, Ealasaid; ’s cha choirich mi t’fhaiceall. Nise, bho na dhearbh thu do dhìlseachd, tha nì diomhair agam ri earbsa riut.”

[ 26 ]Air dhith so a labhairt, sheall i giar air a bhean-fhrithealaidh, agus a-rithisd—mar gu’m biodh i air son togail a beadachd—dian air an dorus.

’S ann le cridhe goirt a bha Ealasaid a’ gabhail ealla ri bana-mhaighstear a gràidh. Agus ge b’e cho mór a dùrachd, cha b’ urrainn i a chleith oirre fhein, no té a h-aire, gu’n robh an dealachadh buan dlùth air làimh.


II

Bha Una ann am breislich àirde fiabhruis. Ach cha robh Ealasaid cho mi-sgilear ’s nach aithnicheadh i gu ’n robh an còrr is éucail bodhaig an co-cheangal ri a tinneas. Cha do chuir e, mar sin, an t-ioghnadh bu lugha oirre, nuair a thug Una tarruing air ‘dìomhaireachd’ is ‘earbsadh.’

“Ealasaid,” ars’ Una a’ bristeadh na tosdachd, “tha uallach air m’inntinn cho trom ri aithreachas. ’S ann an dràsda tha mi faicinn nach’eil cleith air an olc ach a sheachnadh.”

“Is làidire Dia na uile pheacadh an t-saoghail; agus na’s nomha na sin, tha thròcair saor, ’s e an còmhnuidh an tairgse.”

“Na biodh cùram ort gu’ bheil mi siubhal gun dòchas: cha’n ’eil. Ach, mo chreach staid na muinntir air an tig dìoghaltas rùn nam biodag nàimhdeil,” labhair Una ’s i suathadh an fhuar-fhallais de chlàr a h-aodainn. “Ach éisd rium! Oir air mo thàilleabh-sa thig feachd millteach air tigh Mhic Fhraing. C’arson! an abair thu?—Air son gu’n a dh’ìslich mise oighre Ceann Cinnidh Chloinn Choinnich—tighearn òg Eilean [ 27 ]Donnain. Mar a bhios an dàn, ’s ann a thachras. Gealladh m’ òige, rùn-geallaidh mo chridhe. Bu diomhair ar còmhail, ach ro dhiomhain ar bòidean! Thainig an toirmeasg eadar sinn; cha robh e mar fhiachaibh air an Ridire comhstrìth ghamhlasach an dà theaghlaich fhaicinn fhathasd aig crìch. Cha luaithe fhuair e mach gu’n robh oighre Mhic Coinnich an rùn pòsaidh dhomh, na chuir e stad air ann an dòigh nach do shaoil mi. Agus, is e so an dràsda tha dìteadh mo spioraid. ‘Fhuair mi fios bho Mhac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil,’ bu chiad rabhadh a thug e dhomh air dé bh’ air aire. ‘Tha thu nise aig aois pòsaidh,’ chum e roimhe le guth a shearg cochal mo chridhe. ‘’S cha’n fhaic mi na’s freagarraiche na sibh a dhol an làimh a’ chéile. Co-dhiùbh, ’s e sin mo thoil-sa; ’s mar nighinn dhleasail bheir thu géill dhith.’ Cha d’ fhuair mi fiù ’s aona chothrom casaide ris. Rud a dh’ iarras an Tolmach, nì Tolmach. Thaom dòchas a mach as m’ inntinn; oir ged a b’ fhuath lium reachd m’ athar, cha tugadh airc dhomh misneachd a bhi eas-umhail. Aon chòmhail, ’s aon dealachadh cràiteach eile, ’s chunnaic mi sealladh mu dheireadh air oighr’ Eilean Donnain. ‘Teich liumsa!’ thuirt e an geasaibh-cainnte gu leòr. ‘Oir an latha nach dìon Mac Coinnich bean a roghainn, chaill gaisgich an tapadh.’ Ged bu shearbh an diùltadh b’ fheudar e. Nuair a dh’ innis mi dha an gnothuch mar a bha, thòc aodann le àrdan-feirge; bhà e fhein ’s Mac Fhraing an rùn nam biodag da chéile. ‘Is ann mar so a ni an Ridire Tolmach tàir air Cloinn Choinnich; an ann?—Agus a ni Mac Fhraing [ 28 ]cùismhagaidh de Mhorair Eilean Donnain,’ fhreagair e gu socair sèimh; ach gu’n seachnadh am Freasdal orm an lasadh bha ’na shùil. Thig uair anns am bidh aithris na criche air mar a bheir Mac Coinnich a-mach tòrachd na tàmailte so? Sin Ealasaid rùn mo dhiachainn!”

“Gu’n tigeadh Nì-maith ’s an eadraigin!” ghuidh Ealasaid mar fhreagairt. “Tha e collach, ge b’e có ’s coireach gur tusa ’n creanach. An oidhche ’s a’ latha! Far am bidh do ghràdh, bidh do thathaich. Nach ann oirbh a thàinig e!”

“’S fior do ràdh,” thuirt Una le fann-ghuth. “Tha ’n còrr is bliadhna bho na dh’ fhàg mi tigh Laobhrais air son a’ Chaisteil Mhaoil; ged nach do chuir Mac Coinnich an géill a bhagairt. Ach thig e; is i nochd an oidhche. Nach d’thuirt thu rium gu’ bheil Fioschluas fhathasd ’nar fàrdaich? Bu toigh lium fhaicinn. Tha mi air son gu’n toir e fios-beòil do Mhorair Eilean Donnain, is fios a’ chridhe nach ceannsaich slabhraidh no inbhe. Greas ort!”

Cha do chuir Ealasaid ’na h-aghaidh na b’ fhaide. Dh’ éirich i mach, ma’s a b’ fhìor, a choimhead air son Fhioschluais. Ach thuirt i rithe fhein nach d’rachadh cas dheth air taobh a-stigh an t-seòmair.

Is gann a rinn i ach an dorus as a déigh a dhùnadh nuair a thachair i an clàr an aodainn air a’ Mhoraire Goiridh fhein. Bha cheann crom; a shùil luaineach agus gruaim na h-anshocair ’na aogasg shreamach.

“Ciamar tha bhana-mhoraire?” dh’ fhoighnichd e gu h-ealamh.

[ 29 ]“Tha i beò,” fhreagair Ealasaid; “ach ’s e sin uileadh e.”

“Dé thuirt thu?”

“Cha dubhairt mi ach an fhìrinn,” labhair i gu dàna. “Na’m bu chéile-pòsda mar bu dlighe thu, b’ e t-àite ’san uair so, bruaich a leapa. Dean cabhag gu h-obann, neo bidh do chaoidh far nach bidh a leasachadh.”

Thug Mac Fhraing a chùlaobh ri Ealasaid, agus lean ise ceum roimhpe.

Ràinig e seòmar na h-eiridinn. “A bhean mo chridhe,” thuirt e le fàilt’ is cumha, “thug thu mac do ’m chinneadh, ach is suarach a-nochd oighreachd Mhic Fhraing.”

“A! Ghoiridh,” fhreagair ise le sùil shiltich, “an e so t-aoidheachd do mhàthair do ghineil? C’arson a bha do thighinn cho anamoch?”

Chrom e cheann, phòg e ’bilean dearg-thioram, agus dh’ fhan e ’na thosd. ‘Cha’n urrainn mi ìnnse dhith,’ thubhairt e balbhach ris fhein; ach bha e ag ùprait ’na inntinn gu’n robh a h-amharus a’ breithneachadh a chùraim.

Dh’fheith a bhean air son an leisgeil nach d’ fhuair i. Phaisg Goiridh Mac Fhraing, Moraire Chaisteil Mhaoil, a làmhan air uchd; ghabh e ceum a dh’ionnsaidh uinneag an t-seòmair, agus gun lide tuilleadh a chanail, sheall e dian a-mach.

Bha ’n oidhche gailbheach, ’s a’ sìor dhol am miosad.

“A!” smuaintich e an teanntachd na h-éiginn. “’S ann fo sgàile nam bealach gaothar a leagas Mac Fhraing [ 30 ]a-nochd, a cheann. Ach,” ’s e ’tionndadh a shùl air an [2]leabaidh-eothair, “gun fhios dhise tachraidh e.”

Dh’ fhosgladh dorus an t-seòmair, agus thainig Ealasaid air ais—nì a chuir casg air cuibhleadh uidealach a smuaintean.

“Tha gnothuch àraid agam riut, Ealasaid,” chagair e ’na cluais. “Coinnich an tall-an-tuirc mi an taobh a-stigh de leith-uair.” ’S gun fuireach ri freagairt dh’ halbh e mach air a shàil.

Cha do ruith an ùine buileach, gus an d’ fhuair Ealasaid i fhein ’san leith-ionad sin de ’n chaisteal ris an abrar ‘tall-an-tuirc’; bha ’Moraire Goiridh cheana feitheamh oirre.

“Cluinn toirm-spairt na gaillinn,” thòisich e cho luath ’s a ràinig i. “Nise, creid mi! Beanaidh iargaltas na h-aimsir-challa rium na ’s bàigheala na iadsan tha ’n nochd air mo thòir. Ge b’ e dé mar a thachair e, tha bhuaidh le Cloinn Choinnich an tràth so. Thuit uile-dhìon a’ Chaisteil; ’s e sin na tha feum dhut a chluinntinn. Ach a-chionn ’s nach ’eil e an comas feairt no fuirteachd a’ chùis a leasachadh, is tusa ris an earb mi maotharan neo-chiontach na cìche, is oighre Mhic Fhraing, fhaotuinn sàbhailte bho ’n aitreabh so. Aon chùmhnant eile: tagh am bàs dha fhein ’s da mhàthair, na iad a thuiteam an làmhan a’ chreachadair. A! an oidhche dhuabhara, agus dìon-sgàile nan ailbhinn oillteil a bheir cothrom teichidh do Mhoraire Chaisteil Mhaoil. ’S i so an oidhch’ a chì Mac Fhraing fo’n choill ’na shònrach.”

Thilg e lùib a’ bhreacain thar a ghualainn. Fad [ 31 ]mionaide no dhà, rinn e seasamh-sòraidh ’san dorus, ’s a smeigead air uchd. Mionaid no dhà eile, agus dh’ fhalbh Mac Fhraing gu ruige caidir na dùbhlachd dhorcha.


III

Thill Ealasaid air ais do sheòmar na bana-mhoraire. Dh’ fhèach, ach cha b’urrainn i a chleith oirre, an iargain dhòlasach a’ dh’ fhàg Mac Fhraing ’na h-aithne.

“O! sàbhail mo leanabh,” ghuidh Una, ’san sealladh fad-as ’na sùilean. “Ann an éirig t’anma, tha e mar fhiachaibh ort an dochann a sheachnadh air. O! am bàs!—Dé th’ann, Ealasaid? Mo leanabh! O! mo leanabh! Tha’n t-searg-ghruaim mhór ’na deann a’ seòladh tarsuinn an aiseig. Thig am Moraire Goiridh ’na thràth; ach cha’n ann gu fàilt a mhnatha. Gabh a-stigh a thannaisg air son sac do thuruis. Tha dubhar nan nial a’ slugadh mo léirsinn; cha’n fhaic mi ’ghrian. Tha do mhàthair a’ dol air astar ionadan siar na taibhse; ach iathaidh bith-spiorad mo ghràidh mu bhruaichean t’àite-cadail. Ealasaid, cè do làmh: na di-chuimhnich mo leanabh lag-choiseach. Sid e siubhal air oiteag nan diar—Tha na sgóthan a’ sìoladh seachad. Ealasaid!—mo leanabh—mo—lean——”

Stad a h-anail; dh’ fhàg an solus a sùilean, agus bha Ealasaid leis a’ mharbh ’na h-aonar.

Anns an uair sin bhrùchd earras nan tosd a’ làthair—am balbh-ealain a dh’ iathas mu aigne nam beò, ’s a bheir uamhas gu leaba-chlisgidh a’ chridhe. Bu chrannchur nam béud e ann an da-rìribh; ach cha d’ fhuair e Ealasaid gun a tapadh.

[ Plate ]

Bha pìobaire mall-cheumach a’ cluich bron-cheol a’ mhulaid . . . thriall bana-mhorair Eilean Donnain.

[ 32 ]“Cha’n éirich gu h-olc do’n ròineig a’s lugha de dh’ fhuiltean a chinn,” bhrunndail Ealasaid, ’s i pasgadh an leanaibh ann an seasgair a breacain. “Cha dochainn anail gràidh thu, a mhaotharain laig!”

Mu ghlòmanaich an latha-màireach, leigeadh seana chailleach, is ultach ’na h-achlais, an taobh a-stigh de bhalla mór Eilean Donnain.

Tha e ri aithris mu’n daingneach so, gu’n robh toiseach aig na saighdearan Spàineach air suidheachadh freiceadain a dheanamh ann ’san àm. Bliadhna no dhà as déigh sin, bha iad ’nam meadhoin air an t-seana chaisteal a leagail ’na chuail-chnàmh. Ach buinidh an taobh-sgial so do dh’ aimsir eile. Is ma gheibh mi rath air clàr-ùine, lorgaidh mi rian a màthar-ghuir mar a chuireadh mo nàbaidh—am fear-seanachais—blas oirre.

Air do dh’Ealasaid foighneachd dé bu chor do bhean-uasal a’ chaisteil—thachair dhise a bhi air a laidhe-siùbhla cuideachd—sheòl cuideigin i a dh’ ionnsaidh seòmar-feitheimh na bean-ghlùine.

Bha faileas lasraichean nan cnapan giubhais a’ dannsa mar chleasaichean fanaid, ceithir thimchioll a’ bhalla. Agus mu choinneamh bràdair mór teine, bha cailleach chrom-shrònach, liath, ’s i brodadh na beò-ghrìosaich le sgonnan maide.

“An tusa tha so, Ealasaid, an ainm a’ chlobha?” dh’ fhàiltich an t-ònaran fo mùgan. “Dhia cobhair mi! Gu dé ’n t-aon nì chuir thu ann an so mu’n taca so latha?”

“An t-aon aobhar, ’s dòcha,” fhreagair Ealasaid,

[ 33 ]“’s a tha ’gad chumail fhein a’ tionndadh nan éibhlean ’s a’ caithris na h-oidhche. Nach fhior dhomh sid? An deachaidh bean Mhic Coinnich ’na clàirean fhathasd?”

“M’ anam! cha deachaidh,” fhreagair an té eile. “Ach c’arson a tha thu foighneachd?”

“An oidhche ’s a’ latha, Sheònaid! Cha’n ann gun fhios c’arson a bheireas cearc ugh; faodaidh tu bhi deimhinn as. Shiubhail bean Mhic Fhraing an raoir; agus so agad leanabh a cuim,” labhair Ealasaid, ’s i aig a’ cheart àm a’ tilgeadh sgòid de bhreacan Chloinn ’ic Coinnich gu taobh. Bha’n leanabh ’na shuain-chadail. “Nise, Sheònaid,” lean i air aghart, “is clann an aon athar is mhàthar sinn le chéile. A-chionn ’s gur h-e mise is sine, bidh tu air do stiùireadh lium. Ach fuirich ort,” chagair i le coimhead-fiaraidh. “A’ bheil sinn saor bho fhar-chluais?”

Air do Sheònaid a h-amharus a thraoghadh, dh’ fhoighnichd, i, có bu dhlùth-dàimhe do’n dithisd aca?

“Cò ach Clann ’ic Fhraing, gun a bhi ladarna,” dh’ abair Seònaid.

“Ma tha sin mar sin, théid dleasanas ri dàimh,” ars’ Ealasaid.

“An ainm an àidh! dé tha ceàrr?” dh’ aithris Seònaid a-rithisd.

“Dé nach ’eil ceàrr!” fhreagair Ealasaid. “Dé! ach gu bheil an Caisteal Maol ’na chuail-chnàmh agus Mac Fhraing a’ toirt an t-saoghail fo cheann. Sin agad dé tha ceàrr. Dé tha ceàrr?—Dé ach gu bheil Clann-Choinnich an déigh tein’-aighir a dheanamh [ 34 ]de thogalach Mhic Fhraing nan cliar; bean a thighe gun a righeadh air an fhuar-leabaidh, agus taibhsean milltearan athar a leanaibh, casa-góbhlach air còirichean teaghlach a dhlighe. Dé tha ceàrr?—an oidhche ’s a’ latha! Thoir taing dha t’athair nach ann bho shìol Chloinn Choinnich ’tha sinne. Dé tha ceàrr nach cuir mise ceart?”

“Ciamar? Ciamar?” leith-ghlaodh Seònaid, ’s a h-aodann a’ bànadh le corruich an dìoghaltais.

“A! sin e!” thuirt Ealasaid mar rithe fhein. “Rud nach ’eil an dàn cha tachair. An oidhche ’s a’ latha! Choimhlion mi cheana bòid mo gheallaidh.”

“Ciamar, ciamar?” sgriach an té eile ’ga cainnt-chasgadh, ’s i ’gabhail a’ [3]ghiorsa.

“Mar is math is aithne dhuinn, gun a bhi ’n eismeil bruain, no biodaig,” fhreagair Ealasaid le bathais shreamaich. “Na dh’asaideadh té do fhrithealaidh fhathasd?”

“Tha mi feitheamh na gairme.”

“’S math mar a tha chùis,” thuirt Ealasaid le fuar-ghuth a chuir oillt air a piuthair. “Tuigidh tu nise mi. Ma’s e gille bhios aice, cha’n fheum e bhi beò; ach ma’s nighean e, bheir thu do’m ionnsaidh-sa so i. Cuimhnich, a Sheònaid, gur e tha so, miar mu dheireadh de shìol Mhic Fhraing. Tha e ’n dràsda ’nar comas—mise ’s tusa—saoghal fada thoirt dhà. An dean thu e? Greas ort! Greas ort! Cha’n ’eil ach aon dòigh air a cho-dheanamh—aon dòigh.”

“Dhia cobhair thu! An ainm an Fhreasdail, an e chlann iomlaid a tha dhìth ort?” fhreagair Seònaid le [4]plìn-aghaidh ghruamaich.

[ 35 ]“Mar a thubhairt thu! Agus giorra-shaoghail a thoirt do bhean a’ mhoraire!” chagair Ealasaid. “’S ni sinn sgiobalt e.”

******

Mu àird-fheasgair an latha sin, chualas gu’n d’ rugadh oighre do Eilean Donnain. Ach aig tuiteam na h-oidhche, bha pìobaire mall-cheumach a’ deanamh siubhal nam bròn air còmhnard-mullaich a’ chaisteil. Bha tuireadh is cràdh a’ sruthadh fann bho fheadan, agus srann-ghlaodh nan dos a’ giùlain cumha gu cladach. Air mullaich nan àrd, bha tamhaisg aognaidh a’ tional ’s iad ag osnaich ri dol seachad nam marbh. Bha’n osag ’ga tacadh le fras-luchd nan diar, is luasgan nan tonn bòcach a’ cur thuige le achanaich. Chualas bas-shlacadh na Bean-nighe ’san allt: chluich pìobaire Mhic Coinnich bròn-cheòl a’ mhulaid . . . thriall bana-mhorair Eilean Donnain.

  1. achlas dhìon
  2. ri uchd bàis
  3. corruich le deòin
  4. gàire le feirg (grin)