An t-Ogha Mor by Angus Robertson
Beud is Bacadh
[ 36 ]

BEUD IS BACADH

Beiridh bean mac, ach ’s e Dia ni an t-oighre

—SEAN-FHACAL

Le car-tuathal ’na diomb, is an iomlaid fo h-achlais, dh’fhàg Ealasaid—a’ bhean-ghlùine—leanabh-gille Mhic Fhraing air cùram a peathar ann an Caisteal Eilean Donnain. An déigh cur-as da màthair, phaisg i am pàisde nìghne—air ’na dh’asaideadh Bana-mhorair Mhic Coinnich—ann am brat-crochaidh ri h-uchd; is rinn i a rathad a-mach cho luath ri fiolan an cóinnich. Dh’ fhèach gille-faire, ’s e ag armadh gléus a chuilbheir, ri a stad; ach ghuidh ise, droch condrachd air a ladarnas, agus chum i roimhpe.

Cha b’e còmhail, no bagairt a thigeadh ri ana-cneasdachd a turuis.

Bha i ann an sunnd aognaidh. Agus mur a b’e gu’n tug i bòid da piuthair, seasamh ri chaochladh, fhuair naoidhean a gamhlais saoghal goirid. Ach a dh’aindeoin so fhein, bha ròineag a bheatha ’n crochadh air bearradh cugalach. Oir bha oibreachadh cealgach a’ toirt a’ chridh’ aice gu taobh. Is ann aig an dàn a tha brath, dé dh’éireas do chuspair a cnuasachd.

Theagamh gur h-e colunn gun iochd a bha’n Ealasaid, aréir beusan na gineil nach d’fhuair, ni momha thuigeas iad, an dàimh a bha ceangal an t-sluaigh ri’n [ 37 ]ceanncinnidh. Ach ma tha an fhriamhag a’s lugha de dh’fhuil nan Gaidheal annad, cha ghabh thu iongantas dhe a dol-a-mach. Co-dhiùbh, thug Iain Og, mo nàbaidh, beachdan domh mu’n chùis air nach deanadh sgobag dearmad. Is tha mi riaraicht an diugh leotha.

Nach iomadh oidhche chridheil, a chuir mi seachad leis; agus céilidh mhór a chruinnich ’na fhàrdaich. Fuar, no fliuch do’m biodh an aimsir, cha’n fhaicte taobh a chagailte falamh. An oidhche ’san latha! Cia liughad crùban a rinn mi-fhin ’nam ghiullan, fo chabair a thighe, nuair nach ruigeadh mo shròn air àileadh an teine, leis cho dùmhail ’s a bha’n fheadhainn bu shine mu thimchioll.

Cha bhiodh, mar sin, breacadh mo sgeòil ach mu làimh, mur a tug mi iomradh air Iain Og Mac Rath, bho’n d’fhuair mi i. Oir is ann bharr a chuimhne-san, a bhuilicheadh mar a chaidh do Mhac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil, agus do Mhorair Eilean Donnain.

Bha naigheachdan a’ dol, a dh’ìnnseadh e fada na b’fheàrr na Iain Pìobaire, no eadhon Niall Mac Lachlainn Bhàin. B’ann diùbh an té so. Is ged nach robh e buileach, cho fiosrach ri Iain Pìobaire, bha ghin-smuainte ann an ealain air thoiseach orra le chéile. Chuireadh e air a’ mhodh sin, blas air seanachas a b’fhiach da luchd-éisdeachd tarruing a-rithisd air.

B’e sin caisleacheadh smuainte air a feobhas, nuair a rachadh e air oir ri, ‘Mac Fhraing mu dheireadh.’

Fhuair Iain Og aois mhór; agus chunnaic e iomadach atharrachadh a’ dol an gnè a luchd-dùthcha mun d’fhàg e an saoghal. Theireadh cuid gur h-ann aige [ 38 ]bha’n inntinn aotrom, mar gu’m biodh iad fhein de’n t-seòrsa bho’m faigheamaid ciall an iosad. Ach bha’n còrr de thùr ann am baoth nam beachd—thar-leotha—bh’aig Iain Og, n’an gliocas féineil—ma’s fhior—a bh’aca-san, nach tigeadh an uisge na stiùrach do bhàighealachd a’ chridhe a bh’ann. Mar fhianuis air mo bharail, b’e an tigh aige, aon àite-céilidh a’ chinn-ìochdraich. Is rinn mi mo chuid dheth. Oir cha mhisd e an t-aideachadh, nach b’ann aon uair, no dà uair, a dhì-chuimhnich mi an gabhail-orm a fhuair mi roimhe, a-chionn a bhi ‘muigh air na tighean’; gu h-àraid, ma’s e an t-Sathurn bh’ann; is uisge na Sàbaide gun toirt dachaidh, no arbhar a’ chruidh gun bhualadh.

Ma’s math mo chuimhne, cha robh aig’ idir air Cloinn Mhic Coinnich Chinn-t-Sàile. Bha aobhar a dhiomb a’ ruith ’na dhaoine bho shinnsreadh. Ach buinidh am bun-connspaid ri làithean casgraidh nam feachd; agus cha’n ùraich mi iomchoir air an tàilleabh.

Ged nach do thuig mi an uair sin e, tha mi nis a’ faicinn c’arson a bha mholadh air Eilean Donnain cho éigneach. Ach ma’s e ’s gun tig thu air an aiseag ’san t-Samhradh, nuair a bhios neòinean brosglach ri taobh tuilm, chi thu cròileagan de bhalaich bheaga—Muire! ’s iad fhein na fiannaichean!—biorraidean luachrach air an cinn; agus luingeas sheilisteir aca ’gan seòladh bho thir-mór gu eilean mara. Tha gorm-linne Loch Dubhaich na’s leatha n’an cuan do’n sealladh; is na’n ciar an latha ’thig bristeadh air sonas, fhad ’s a bhios sùil na h-òige tomhas an astair.

[ 39 ]

II

Mar innis do’m b’fhiù le sgàilean nam bàrd bhi tional, tha Eilean Donnain ’na chrùban tlusar a’cadal; is dubhar ioma-chruthach nam beann mu chòsan ag iathadh gun sgìos.

Cha’n’eil ach na totaidhean ri’m faicinn de Chaisteal Dhonnain an diugh. Tha’n dialtag, ’sa’ chailleach-oidhch’ air seilbh nan tùr, anns an tric a bha caithris nan àrmunn an sunnd catha; basdalachd nan cuach mu’n bhòrd; agus, mar an ciadna, caidreach chaomh nan trom-rasg a’togail fàiridh ’s a’ chamhanaich fhuar.

Ach fàgam an t-eilean comharraichte so an dràsda far na dheasaich nàdar a luach; is gabham beachd air an turus dhiomhair a thug Ealasaid—bean-ghlùine, is banaltrum Mhic Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil—air ceann-uidhe, cho cunnartach, seòlta, gu ruige daingneach a dhearg-nàmhaid—am Moraire Mac Coinnich, Maor-mór Chinn-t-Sàile.

Thachair [1]turrag a gnothuich aig toiseach bliadhna nan gràs—Seachd-ciad-diag-agus-a-h-ochd-diag—mu’n àm ’s an robh aghaidh bhrucach an Fhaoilich a’ glasadh an fhearainn.

Ma ghabh thu’n tlachd a rinn mise ’san sgial so, thig a’ cheist ’nad inntinn, Ciamar a chaidh aig boirionnach leatha fhein, agus leanabh ’ga altrumas aice, air aiseag a’ Chaoil a dheanamh ri oidhche, fhiadhaich, dhorcha, Gheamhraidh?

Chuir mis’ an dearbh cheist ri Iain Og, uair dheth robh ’n saoghal. Ach ma chuir, cha robh cearb air a fhreagairt.

[ 40 ]“Thoir an aire,” ars’ esan, “nach ann de dh’eireagan diùididh na tì, no chnàmhan tioram nan Gàll, a bha Ealasaid-fhiataidh-a’-chora-bid, mar a chanadh an t-Ogha Mór le blaomadh. Bha i, mar a bha gineil a latha, greimeil calma. Bu choingeis leatha, bac bàta ri bac puill-mòine. Lùbadh i liagh ràimh an achlais nan tonn cho easgaidh ri làn fhear-mara. Bheireadh i caora-sheasg a monadh gun a h-anail a bhristeadh. Cha toireadh té eile dhith e a’cur corrain fo dhlò. Dheanadh, is sheinneadh i òran cho math ri Mairi Ni’n Alasdair Ruaidh, ged nach’eil dad air sgial a-nise dhiubh. Bhiodh dreach air cleath-luathaidh, far an cluinnt’ a binn-ghuth a’toirt fleasgaich a ùradh. ’S ann oirre chaidh luinneag a’ chleachdaidh sin fhàgail:

Gairidh an coileachan uair roi’ là;
Có ’n gille òg tha tighinn ’na bhaile so?
Gairidh an coileachan uair roi’ là!

Nise, cha tigeadh rud ’sam bith ’na car nach toireadh i oidhearp air. Bha i mar a chuala tu, cho math am bun tinnis, ’s a dheanadh i sniomh, no breabadaireachd.

Tha’n t-aithris gu’n robh neart anabarrach aice. Is gun a bhi cur mo sgeòil an iomrall, bhuineadh a cuideachda do Shuidhsnis—am baile bho’n tainig mi-fhin. Bheir mi aona naigheachd bheag dhut oirre, a dhearbhas a tapadh, ’sa h-ìnnleachd na’s fheàrr na dheanadh bleidire Mhic-’Ille-Chalum, ged bu mhór a sgathadh.

Bha Ealasaid fada ’na banntraich le aona mhac, ris an canadh eòlaich, Fearchar Mór a’ Ghunna, na’m [ 41 ]biodh iad a’ toirt neairt an eisimpleir. Fhuair sinn cunntas air Fearchar Gunna, no dhà eile. Ach b’e mac Ealasaid an duine; agus a dhleas an t-ainm a’ bu gheal a choisinn e. Cha tainig esan riamh ’na rathad a chuir a làmh ’na bhroileach gun chreanachadh air a dhalmachd. ’S beag airson sin a b’fhiach a spionnadh an taca ri ’mhàthair—an rud a sheallas mi dhut.

Thachair do dh’Fhearchar latha—’s e an uair sin aig ìre duine—ti’n air agh leis fhein, a chaidh a cnàimh na h-amhaich ’sa’ mhonadh àrd. Dé rinn mo laochan, ach a thogail ceithir-chasach air a ghuailne; is gabhail dhachaidh leis, mar nach biodh ann ach piolag uain.

Dh’fhaoidte gu’n tig agam fhathasd air éuchdan Fhearchair a’ Ghunna chur am beairt dhut. Oir cha d’ rinn mi ach an tarruing so a thoirt air, a-chum ’s gu’n dearbhainn gur boirionnach air-leith a bha ’na mhàthair.

Mar a dh’éirich dha’n t-saoghal, bha nàdar na saighdeareachd anns na daoine. Agus thainig fodha dol gu ruige an arm-dheirg. Cha robh e buileach cinnteach, co-dhiùbh a b’ann air Freiceadan Ghlinn-eilge, no Chille-Chuimein a dheanadh e. Ach latha dhe na làithean, mun tainig borc nan lusan ’san Earrach, chuir e a rùn ann an cead a mhàthar.

Ged nach robh i buidheach dhe thogradh, bha fios gu math aice, gu’n robh esan tuilleadh is tréun ’na bharail, airson ise dheargadh air. Thainig an t-àm mu dheireadh; agus dh’fhàg Fearchar an tigh leis na beannachdan. Dh’fhalbh a mhàthair ’ga chur greis-a’-rathad; is chum i cheum ’s a chridhe gus an d’ràinig iad an Sìthean, far ’na stad iad le chéile.

[ 42 ]“Fhearchair,” thuirt i. “Cha’n’eil mi idir socair ’nam inntinn gu’ bheil thu làidir gu leòr gu dol a-measg nan Gall ’s nan coimheach.”

“Ciamar as an Fhreasdal a dhearbhas mi chaochladh dhuibh?” fhreagair esan.

“Ma théid agad air,” ars’ ise, “cha bhi e idir duilich dhut. Ma thogas tu Clach-mhór an t-Sìthein ’s na cuileanan oirre, chi mi thoiseach.”

Rinn Fearchar mar a dh’iarr i gun spàirn.

“Cha’n’eil mi fhathasd socrach,” lean i oirre. “’S ann a dh’fhiachas mi-fhin ’s tu fhein car-carachd. Ma chuireas mise ri làr thu, tillidh tu dhachaidh lium; ach ma leagas thusa mise, tha taghadh do rathaid agad gun chùram dha d’mhàthair.”

Dé th’agad air ach gu’n deachaidh Fearchar ’s a mhàthair ann am bad a’ chéile. Thug ise ’n còrr ’s a dhùbhlan da, gus ’na chuir i mu dheireadh, le aillseadh is bacaig, air slaisneach a dhrom’ e. Thill Fearchar dhachaidh, ’s cha do thog e sùil ri saighdearachd riamh tuilleadh.

“An cuir e annas a-nis ort,” chum Iain air aghart mar [2]bhàiristear an talla-casaid, dé cho beag saothair ’sa bhiodh e do bhana-ghaisgeach dhe’n t-seòrs’ ud, bàta-beag a thoirt air a dà-ràmh, eadar an Caisteal Maol is Eilean Donnain?”

Dh’ aontaich mi leis aréir m’fhiosrachaidh; ged a bha’n còrr agus lath’ is bliadhna mun do dhearbh mi dhomh fhin gu’m biodh uisge lom aice, cho fad ’sa sheachnadh i broluinn nan cuartag ’sa’ chumhann.

[ 43 ]

III

Bu toigh le Iain Og deadh fhear éisdeachd. Oir is minig a chuala mi e ’canail, le smachd ’na ghuth—gu’m bu lugh’ air n’am peasan, a bhi cluinntinn seana-ghille ’sa bhial a’ti’n thairis air. Cha’n ann idir a’tagairt bradain an cabhuil dhomh fhin a tha mi ’san rathad so. Ach tha e dleasach do bheus, gu’n deanainn aithris air bunadas mo sheòl-sgrìobhaidh. Bha mi air a’ mhodh sin a’ gabhail ri pongalas na chuir e chomain orm, mar ri bainne blàth bho làimh banachaig. Agus tha’n t-seadhachd a ràinig m’ùidh-sa r’a linn, a-nise ’na thoradh air.

Chaidh, mar a chanadh e fhein, a turus le Ealasaid mar a miann. Cha’n e mhàin gu’n d’fhuair i tre dhaingneach Eilean Donnain, gun bhacadh, no amharus; ach thug i (eadar i fhein ’sa piuthar) giorra-shaoghail do bhean Mhic Coinnich, bu mhorair ann. Agus cia b’e dé a’ chuilbheart agartach a bha ’nan rùn, roghnaich, is ghabh iad fàth air leanaban an dà theaghlaich, iomlaid.

Bha deireadh na h-oidhche aice mun d’rinn i taobh Chaol-Acainn deth. Thainig gnè de shìoladh air an stoirm ’s a’ ghaillinn a bha séideadh, suas ri dà latha gun dìobradh. Tharruing i sròn a’ bhàta os-cionn na [3]tiùrra; agus rinn i sin air a dachaidh ’na h-aonar, mar chapall-coille dol air fiaradh nan cruachan.

Bha ’còmhnuidh ann am baile-tuath Phlàmarscaig, mu thrì mìle bho chorran a’ Chaoil. ’S e fear, Mac Uaraig a mhuinntir Ghearr-loch, ris an canadh iad, Domhnull nan Luibhean, bu chéile-pòsda dhith.

Cha b’ann idir le magadh a fhuair Domhnull [ 44 ]Ghearr-loch—mar a theireadh cuid—am far-ainm. Oir bha e iomraideach ’san linn anns an robh eòlas air leigheas nan luibh ’sam brigh, ’ga mheas mar urram. Aréir bial-aithris, bha bhuadhan ’san oilean so, ’na ghnè da dhaoine. Tha eachdraidh a’toirt cunntais air bràthair dha, bha ’na dhotair ainmeil ann an Dun-éidionn. B’e an Lighiche Mór Mac Uaraig a rachadh a thagairt, na’m biodh easlainnt no tinneas an eisimeil faochaidh. Ràinig co-sheirm a chliù thairis gu fad air iomaill a shaothrachaidh.

Bhiodh e ti’n rathad an Eilean Sgiathanaich air uairean, ’s a’ cur seachad tamuil dhe chuairt le bhràthair—Domhnull Gheàrr-loch—ann am foghlum gnàth nan luibhean.

Mu bhliadhna-gu-leith an déigh do dh’Ealasaid an leanabh a thoirt dhachaidh, có thigeadh tiomchioll ach an Lighiche Mór a Dun-éidionn. Bha Domhnull mu’n àm chiadna, ’s e trang a’ dearbhadh na h-éifeachd a bh’ann an sùgh Lus nan Croibhseag airson galair àirnean, mar a mholadh Bean a’ Ghranntaich.

Tha an luibh so a’ fàs fiadhaich ann an Eilean Eige. ’S e rud a bh’ann, gu’n d’fhalbh e fhein ’s an dotair air a los le sgiob’ is bàta. Dh’fheòraich iad bho mhuinntir an eilein, c’àit’ an robh an luibh ri faotuinn. Ach ged a b’aithne daibh a h-ionad ’sa brìgh, cha do ghabh iad dad orra ’dheanadh an ceann-turuis a chuideachadh. Cha b’ann idir bho dhroch rùn, no ana-coingheall a bha so; ach air eagal gu’n saoileadh neach ’sam bith, gu’n robh iad fhein, no duine bhuineadh dhaibh a’cur feum’ air cungais. Dh’fhóghnadh biolair uaine, is uisge [ 45 ]Tobar-mór Thólainn, airson na thainig de dh’easlainnte riamh ’nan caraibh. B’e sin, co-dhiùbh, beus an tagraidh.

Is iongantach mar a thig nithean bho uchd an dàin. Ach is ro-iongantach cho beag ’sa tha na h-aobhair, is cho suarach—ma thogras tu—na meadhoinean, a bheir an saoghal gu léir ann an cinnseal doilgheis. Na’n robh muinntir Eige,—ri linn mo sgeóil—air dithisd choigreach a stiùireadh, far an robh Lus nan Croibhseag a’ fàs, cha do dh’éirich mar a thachair do Dhomhnull Gheàrr-loch, no do dh’oidhearp nan Stiùbhartach ann an aimsir eile.

Tha gnè de dh’fhuath ann an sgiathail an fheallsanaich, nuair a bhios sgial air cuigeil. Ach ged a shìolaidh Iain Og an t-iomradh, le earail bu chòir a bhi’n lùib na h-eachdraidh so, ’s fheudar an cothrom a leigeil seachad.

Thòisich Domhnull ’s na bha leis ri siubhal Eilean Eige, gus an tainig iad air na bha dhìth orra. Ach mar nach robh fad-saoghail an dàn da, shleamhnaich a chas air bearradh Uamha Mhic ’ic Ailein, agus chaidh an t-eanachain as.

Na’n robh beatha no bàs Dhomhnuill-nan-luibhean a’ dleasadh an còrr iomraidh, rinn bial-aithris greim air. Ach cha deachaidh tarruing idir air a bheò, no ’mharbh, mur a b’e gu’n tug a bhràthair leis gu ruige Dun-éidionn, am pàisde-nìghne a bha e fhein is Ealasaid a’ togail.

Cha do dh’innis ’s cha’n ìnnseadh Ealasaid, dha’n dotair, co i bha e faotuinn. “Ma thachras e gu bràth,” ars’ ise, “gu’n tilgear a càradh oirre, faodaidh tu a [ 46 ]chanail rithe le fìrinn, gu bheil a gin gun smal, ’s a fuil cho uasal ri inbhe rìoghail a’ chrùin. ’Se sin mur a dean thu nighean dhut fhein, ’s dhe t’ainm dhith. Oir tha e coltach gu bheil, ’s gu’m bì thu gun bhall dhe’d chorp a dhleasas e. Is ma bheir e aobhar uaill ’sam bith dhut, tha cho beag agam-sa mu déighinn, ’s nach iarr, ’s nach aithris mi, cia an taobh a tha i. Eireadh math no olc dhith, cha chuir mi a h-aon air a manadh. Ma thagras mi nì idir dha taobh, ’se gu’n toir thu, Mairearad mar ainm oirre. Biodh an còrr eadar thu fhein ’s do roghainn dhith.”

Thug an t-Ollamh Mac Uaraig leis an nighean; is thog is dh’àraich e i mar fhriamh de ghineil fhein. Dh’fhàs ise ann am meomhair, is maise neo-chuimseach. Oir bha i air a giollachd gun taing. Cha robh mur-a-bhitheadh air a teagasg. Is sheall i toradh a trùmha, leis gach beus anns an deanadh pàrant uaill a nighinn dhleasail. Cho fad ’sa b’ fhiosrach i, b’ e an Dotair Mac Uaraig ’s a bhean, a b’ athair ’s bu mhàthair dhith. Ach mun a thuit an sgleò bho sùilean, bha iomairt is othail ’san tìr; flaithean an geall air a cridhe; is Uasal a’ Chrùin a’caoineachadh a shodail ri buaireas a leannanachd.

  1. cnag, no udalan an so
  2. fear tagraidh
  3. roip làin-mara