173431An t-Ogha Mor — An Dealachadh BeoAngus Robertson

[ 125 ]

AN DEALACHADH BEO

Cha tug e cùl ri nàmhaid, no caraid

—SEAN-FHACAL

Cha’n’eil ach mu chóig bliadhna-fichead bho’n a bha Iain Ruairidh ’na luidreagan beag, tubaisteach a’ ruith an coinneamh athar. Tha e nise ’na shlinneanach mór, trom; is e duineal mar bu dual. Theireadh bial-gun-fhàitheam gu’n robh e tuilleadh is socharach. Ach—mar a thuirt Raitean, an àit’ eile,—éirigh tonn air uisge balbh; is cha bhiodh e mar a chuid fhein do’n fhear sin a chuireadh togail air.

Bu dhalta do dh’Fhear-a’-Choire e, no an Ridire Tolmach mar a cheadaich an dàn. Ach ma chuirear sgial air fìrinn ’s e bh’ann mac a bhràthar—esan bu shine, agus air an tainig tathaich a’ Mhoisein.

Mar a shéideas a’ ghaoth, ’s ann a thuiteas a’ chuiseag. Is mur nach robh bàs duine gun ghràs duine, bha Iain Ruairidh ann an comaine chàich; is seilbh aig seòltachd air cuid athar. Thainig air iomadach nì a dheanamh nach bu ghnàth da dhaoine. Ach is ro-mhath a thigeadh sin dà. Agus an uair a ghabhadh e fàth air iasgach nan loch no obair fearainn, cha shaoileadh neach eile gu’m b’e inbhe nan uasal bu dhùth dha. Bha iad, airson sin, a-measg a luchd-dàimhe do’m b’aithne na dh’éirich da—leis mu mhiann cothrom na h-éirig a thogail—ged nach do thagair e riamh an dearbhadh.

[ 126 ]Chunnaic sinn cheana gu’n robh e air meas an aghartais ann an saighdearachd Righ Seòras; mar an ciadna, na dh’aobhraich a dhìth-shuime, is a dh’éignich da an t-seirbheis sin fhàgail. Dh’fhaoidte nach robh an dearmad gun stàth, no an leisgial ann an da-rìribh buileach; cha tuigeadh fear eile chaochladh. Ach cha b’e sin barail Iain Phìobaire. Theireadh esan gu’n robh Ruairidh Tolmach, athair Iain, ro dhian air dlighe nan Stiùbhartach, airson a mhac a bhi claon ’na dhìlseachd.

Cha mhisd’ udalan mo sgeòil an dearbh shuidheachadh anns an d’fhàgadh Iain Ruairidh, a chur air mheigh. Cuiream mar sin ann an seanachas goirid e.

Theirte Fear-a’-Choire ri athair—Ruairidh Tolmach. Bha bràthair na b’òig’ aig Ruairidh air an robh Gilleasbuig. Nise, chanadh Iain Pìobaire gu’n d’fhuair Gilleasbuig an rud a tha’m Fìneach làn deth—seadhachd. Cha do thaobh, ’s cha taobhadh Ruairidh ri céinich Hanobhair. Thigeadh sin ris mar a rinn togradh nan Gaidheal r’a latha. Is an uair a thainig am fios ’na rathad, gu’n do thog Iarla Mhàirr bratach nan Stiubhartach ri crann, cha bu ruith ach leum leis da h-ionnsaidh.

Dh’fhuirich Gilleasbuig aig baile gus an tainig rath air a ghur. Nach do chaill saoidh, toradh na caonnaig air Sliabh-an-t-siorraim? Bha lagh ’san àm nach leigeadh éuchdan Ruaraidh Tholmaich seachad, le fuath, a-mhàin. Bha rithisd dòigh air aithris nan éuchd sin, a thoirt far an tachradh duais air saothair. Fhuair Gilleasbuig alt na dòghach ud le riadh, is oighreachd a bhràthar còmhla ris.

[ 127 ]Chaill Ruairidh Tolmach, air a’ mhodh sin, a chuid de’n t-saoghal. Ach ged a bha e ach gann fo na choill, cha d’thuirt e riamh, ‘gu’m a h-olc,’ mu bhràthair.

Mar is minig a chualas e canail: ‘An rud a thig leis a’ ghaoith, falbhaidh e leis an uisge; ach as aonais cridhe aon-fhillt agus cogais ghlain, tha rìgh ’na thràill, is tràill’ na rìgh, ma’s cuid dha iad.’

Bha dhol-a-mach ann an éud deadh-chliù nan Gaidheal, gus na chuireadh-as da, is e tuasaid ri Abraich a thog creach bharr na sgìre. An déigh sin, ghabh Gilleasbuig, bràthair-athar, àrach Iain os làimh—an t-aobhar airson an d’thuirte, ‘dalta Fhir-a’-Choire’ ris.

Shuidhich an Ridire Tolmach gabhaltas Eilean Scalpaidh air Iain, nuair a dh’fhàs e suas; agus chuir e, ri tìd e, gu ruig an t-Arm a Shasuinn. Fhad ’sa bha Iain air falbh, bha mhàthair a’ fuireach ann am bothan ris a’ chladach fo Thigh Mór Laobhrais—an rud a rinn esan, air dha an t-saighdearachd fhàgail. Agus bha e sona gu leòr le chrannchur.


II

“Siubhad a-nise, Iain; thoir làmh air do shuipeir,” thathuinn a mhàthair ris, ’si sgioblachadh na poit-lite leatha gu taobh shuas an teinntein. “Ged is beag mo chàil ri ceann-uidhe do thuruis,” lean i oirre (eadar stuigeadh is càineadh), mar as a tomata-tà, “’s fheàrr dhut a bhi ’cur mu d’chaiseart. Na iarr an tuilleadh tathuinn. Bi na bad, a chuilein! Tha’m bainne fhathasd blàth ’se air a shìoladh. Siubhad! Bi tapaidh! [ 128 ]Cuimhnich gu’ bheil an rathad buan ’san t-astar fada. Cha’n idir turus gille-mirein a tha romhad.”

Shaoileadh gall air mhaille, gu’n robh an t-seanabhean sùrdal. Ach bha’n aigne aice, ann an da-rìribh, iomagaineach is an cridhe tais. “Ma thig an droch còmhail ’na rathad,” mheòraich i far am bu teoth’ a gràdh, “có—an ainm an àidh—a ni cùl-taic’ do’n tigh-se, no ’sheasas làrach a dhaoine?”

Bha mhàthair mór aig Iain. ‘Ruitheadh e air an uisg’ fhuar dhith,’ mar is tric a thuirt Oidhrig Bheag le farmad, nuair a chluinneadh i [1]flaibean aige seachad bho’n tobair ’san anamoch fhliuch.

Thuig Iain miad a chùraim bu mhiann le mhàthair a chleith air. Agus chuir e dragh nach robh faoin air a shiubhal. Ach is beag a shaoil ise, gu’m b’e rac ’na ugan, a dh’fhàg esan cho tosdach. Shlaod e am furm-góbhlach bho’n uinneig, far am b’àbhaist dha bhi suidhe cliùchdaireachd; is chàraich e gu seòcal, sèimh, aig ceann-as a’ bhuird bhig e.

Air a’ bhòrd so, nach robh an eisimeil bréid-geal, no tubhailte, bha measair mhór fhleòdair—i cluaiseanach, cruinn—is sgurradh de chabhraich thiugh oirre; cuach leabhain a dhealbh snas a dha làimhe fhein, ’s i cur thairis le bainne nach d’fhuair a ghaoth bho’n a dh’fhàg e sìolachan; is spàin-adhairc ri ’taobh, a rinn an ceard-siubhail an uiridh.

Ma bha’n t-acras air Iain chuir an t-suipeir shomalta dheth e.

“Tut! a mhàthair,” mhisnich e sin air a shocair fhein, “na gabhaibh dragh air mo thàilleabh-sa. Oir [ 129 ] is tric a chualas gu’n tig fear an t-saoghail fhada as gach càs. Co-dhiùbh thig, no nach tig, cha’n’eil an dàn ri thoirmeasg—an rud is math is aithne dhuibh. An isean deireadh linn mi, a shéideas sop nach urrainn domh ’chur as? Mur a h-e turus gille-mirein a tha romham, cha shac trom air a’ chois chaoil ’tha agam ri ghiùlain——”

“Bheir mise——”

“Na abraibh an còrr. Ma thig m’uair roi’n mhithich, cha dean cnàmhan-teallaich a leasachadh.”

“An ann mar so a tha, chuilein? Hala!” bhrunndail a’ chailleach le seadh bho nach faigheadh fear imrich furtachd. “’Smath a thuig mi-fhin nach b’ann airson iosad teine thainig Eilidh cho anamoch——”

“An tug sibh tarruing a-rithisd oirre?” chaisg Iain car ealamh; ach bha fuaim eiridinn ’na ghuth. “An rud a dh’earb mi cheana——na faicibh éis no uireasbhuidh oirre,” chiallaich e, is e ach gann a’leum beò-glan bho’n bhòrd.

Thug a mhàthair sùil air le cianalas; ach na facail dhrùighteach a bhrist air a crith-bhilean, b’e am béud an aithris.

“Fàg Eilidh mar a tha i,” thuirt i an ceann tiotain le fonn furbhailteach, mar nach biodh cùram fo’n ghréin ’ga tagairt. “Coma leat! Cuiridh mi mo cheann liath air a’ gheall nach faigh fear eil’ a leannanachd. Ach stad ort, Iain! Có i, ge mór a h-eireachdas—oir b’fheàrr lium gu robh i ’n crochadh ris a’ ghealaich, ’s a greim ’ga fàgail—a’ bhan-eitheach sin—agus ’s e sin [ 130 ]a h-innte—’tha mach ’s a-stigh ri crudh’ an Ridire Tholmaich, bho no thainig am feasgar?”

“Ciamar a chunnaic sibhs i?” dh’fhoighnichd Iain.

“Le sùilean màthar,” fhreagair ise le snodha gàire—“ealain air nach gabh earraid, no coimheach brath. Có i, a chuilein, no dé is sloinneadh dith?”

“Mairearad Nic Uaraig—té a-mhuinntir Earraghaidhil, ma’s math m’fhios——”

“Siubhad! Mairearad Nic Uaraig!” dh’aithlis a’ chailleach le [2]mìcheadaibh. “Gheabhadh Domhnull Camaran ainm na’s fheàrr na sin dith. Cha robh a leithid de dh’ainm ’s a’ chearna so bho’n a dh’fhalbh an Lathurnach, a bha pòsd aig nighean Mhic Fhearchair an Iasgair. Té a-mhuinntir Earraghaidhil, a sheòid! Saoil a’ bheil buidseachd aice? Seadh! Ban-Earraghaileach! Bheil’ios an ith i sgadan ‘goirt’; no dh’fhaoidte, gur fheàrr leatha sgadan ‘aiteamh’—annlan an Arannaich? Thig oirnn le d’mhathas!”

“Ged nach còir a bhi talach, cha b’uilear dhuinn sin,” cheileirich Iain, ’s e toirt gotha da cheann.

Aig a’ cheart àm, cha do mhi-chòrd magadh na caillich ris idir; bha ise ’g aithlis, mar a chual i, air droch Ghàidhlig nan Deasach. Ach b’fhada bho chridhe an gàire.

Cha’n e bhi fàgail Eilidh buileach, a bha ’ga ghluasad. Nach robh e cuideachd a’ dealachadh ri dhleasanas da cheann-feadhna, ’s a’ dol air slighe ’bha cala-dhìreach ’na aghaidh—ged a theirte bràthair-athar ris?

[ 131 ]“Tha’n uair agam a bhi tarruing,” thuirt e, mar gu’m biodh e airson a bhi cuidhte ’s na bha fo uidhe.

“Ochan tha!” dh’osnaich a mhàthair le caoidh anns am breithnicheadh fear-amais taibhsearachd.


III

Bha’n t-anamoch a-nise gu math air ruith—spiorad na h-oidhche sìnte na chiabhaig mu ghlabadh nam beann cìara; is cluain ianach ’nan clos, mar phìobaire sgìth ’na chadal, ’s a mhàl fo cheann am pasgadh. Sguir a chailleach-oidhche dhith fhein a chomhachadh. Ach bha’n dialtag fhathasd, ’s i plapail ri lòsan na h-uinneig; is cha bu mhath am manadh fear-turuis i.

“Gu’n cobhair am Freasdal mi!” ghuidh an t-seana-bhean dian fo h-anail, nuair a thug i an aire dhith. “Ma thig a chula-ghràin ud a-stigh cha bhi rath an lorg Iain.”

Cha robh ian luch-cheannach na h-oidhche fada ’sgiathail gus an d’fhuair e toll; is mun tug a h-aon aca fainear mar a thachair, thuit an dialtag ’na glag ’s a’ ghrìosaich, an déigh an crùisgean a chur as. Dh’ éubh a chailleach na creachan. Sgapadh an luatha. Thòisich Iain ri mionnan; is chaidh an tigh gu tur bho sheadhachas.

“Tha’n fhàrdaich air a’ gonadh! Las an solus! Sìn domh an crùisgean,” ghoileam an t-seana-bhean—i fàsgadh nam bas, ’s i air a corra-cnàmh a’ [3]rùtachd airson sliseag chonnaidh. “Eudail! Nach ann dhuinne dh’éirich e. Fhuair thu’n crùisgean a lasadh? Ach hala! Nuair a thig e gu h-aon ’s gu dhà, ni a’ chràinn [ 132 ]cobhair, mu’n d’thuirt a’ chailleach Leódhasach. Cha toir bó da laogh ach na h-aice. Hala, rithisd! Cha’n ann gun fhios c’arson a dh’ionnsaich muime Alain Duibh Oig Mhic Iain ’ic Fhionnlaidh Ruaidh, bràthair do’n chiad bhean, a bh’aig Alasdair Cuagach, a bha ’na leistear aig Domhull Scalpaidh—eòlas-air-sian domh!”

Cha do dhrùigh ciall a’ mhonbhuir so air Iain, gus am fac e mhàthair a’ càradh crogan creidhe air a’ bhòrd mu choinneamh.

‘Ach an ann a’ dol a chur sian orm a tha i?’ Dh’fheòraich e ’na rùn; oir ’s ann ri ’g ràdh ribhs e, cha robh e idir diombach ti’n fo geasaibh.

Ghlac cion-furais e; ach ma ghlac bha mhàthair cho trang ri ban-aba ’si paidireachd. Rèitich i cùil anns an robh ciste ’n anairt fo thurraraich, bho’n a chuireadh seachad i le [4]àr-uidheam an fhir-nach-maireann.

Thog i am bòrd-uachdair le Oich! is Ochan! Oir leum a cuimhne bliadhn’ is bliadhn’ air ais, a dh’ionnsaidh na moch-thrath dhuachnaidh anns ’na ghiùlaineadh Ruaraidh Og—’se ’na raganach fuar—bho Chreach nan Abrach. Tha, is bithidh aithris air an oidhche bha sid.

Cha’n’eil uair a chluinneas, no léughas mi mu thogail nan creach, nach faic mi Iain Og Mac Rath ’na shuidhe ’san t-sasaig roi’n teine—e crom, crotach, ’sa chorrag ’na dheàrna—cuid againn ’nar guraban mu’n cuairt dha—cuid eile rìoghail air aodann na brìge-mòine—a’ bheinge loma-làn de bhrogaich bheachdaidh—uisge cur nan sùl as an fheadhainn a bha muigh—bràdhadair mór teine air meadhoin an ùrlair—na céileadairean uile sunndach, [ 133 ]seasgair; is esan gu brogail, beurrach ann an ceann a sgeòil.

Mar bu trice, ’se ‘Creach nan Abrach’ an sgial mu dheireadh. Agus, mo ghealladh! cha robh aire ’san éisdeachd air seachran. Rachadh an cadal an iomrall air gille-beag nan casa rùisgte, ’s e ’na chrùban ris a’ phoit-ghuirmein, nuair a beothaicheadh an seanachas air togail na ruaige. B’aithne dha gach lod as na chuireadh steall ag iarraidh lorg fir Lochabair.

Mun do dhùisg mnathan a’ Chinn-ìochdraich as an ciad-chadal, bha teachdaire mabach, is anail ’na uchd, mar a thuirt Iain, an déigh ruith air a’ bhaile. Eadar Cul Achadh na Beinne, far an gairmeadh na cearcan-tomain, is Lusaidh lìonagach a’ chorrain ghuirm, cha robh aig tigh nach d’rinn air aiseag a’ Chaoil. Thainig luchd-na-tòir’ air na h-Abraich aig bothag Rudha na Caillich, far an robh gille-bàn Lochabair, a’ deanamh garadh-cùl-chas. Am bad a’ chéile bha na fir. Chaidh a’ chaonnag le na Strathaich; ach thuit Ruaraidh Og air a bhlian; is buille-biodaig air a shiubhal, a dh’fhàg tobar gun traoghadh ’na sgamhan.

“Mo laoghan esan, thuit!” dh’achanaich an t-seana-bhean is [5]criodhanadh an aoig ud a’ ti’n as ùr fo h-aire. “Ged a thainig orm ’na thainig,” ars’ ise, ’s i toirt sùil na h-ionndrain air Iain, “is e nochd uair mo dhiachainn. Ochan! mo thruaighe ’s e!”

Ma bha mhàthair a’ cur nam both dhith, cha do leig Iain móran air. Cha b’ann oirre buileach a bha ’n aire aige ’n ceartair. Nach robh Eilidh a’ ti’n eadar [ 134 ] a chéil ’sa chàil—éudmhor, ’s i dlùth do gach togradh do’m b’eòl e?

Le beagan cabhaig thòisich e ri dhol an éideadh athar.

“Ge mór am facal e,” dh’abair a chailleach, ’s i ceangal a’ chlaidheimh-léithe ri chrios, “cha robh an taobh-sa Pheairt, na chuireadh ceum-air-ais anns an fhear bu leis e. Agus, a mhic, na tarruing thusa gun aobhar e, ’s na till e gun chliù. Ochan! B’e sin am fear-claidheimh. Ach, hala! Chunna mise latha—is b’e sin an latha! Anns a’ Choire ud thall, air latha nan Leòdach, cha chluinnte, bho mhoch gu dubh, ach gliong nan claidheamh sgaiteach; is osnaich churaidh air uilinn a’ toirt suas an deò. Sid far an d’rinn t’athair—an duin’ eireachdail!—éuchdan a’ cheatharnaich, ’s e nochdaidh thar chàich ’s a’ làimhseachadh, mar shùistear air ùrlar sabhail-bualaidh. So agad a’ bhiodag aige cuideachd. Ochan, a’ bhiodag! Latha mo chriche, an latha chuir na h-Abraich as dhut, a Ruairidh! Tut! Tut! Iain, cùm thus ort. Nach ann a thainig nàdar de thiomachd orm-sa. Hala! Coimhid i sheòid!—a’ sgian-dubh anns am faic thu t’fhaileas. Bheir mi m’fhacal gu’n a bhrist i an tuilleadh chridheachan, na chaomhag is bòidhche ’s na seachd-siorrachdan. Nis éudail, cha mhac mar an t-athair thu, nach cuir gniomh ann an earachdas. A-rithisd—oir ’s e’ so a’ chomhairle mu dheireadh, a bheir mise mar mhàthair ort—tréigeadh do lùgh mun tréig thu do mhisneachd!”

“Tha’n dearbhadh romham,” fhreagair Iain.

“A-chionn ’s gu bheil,” thuirt ise ’s i toirt làimhe [ 135 ] air a’ chrogan, “cha mhisde feachdaire sian air. Dean suidhe.”

Mar a dh’aithriseadh cheana, bha Iain a-nise fo làn-armachd.

Shuidh e, mar a dh’iarr a mhàthair air—eadar an teine ’san dorus. Is cha luaithe shuidh na chrath ise boiseag an déigh boiseig de dh’uisge chrogain mu cheann ’s mu shlinneinean. Thigeadh neo nach tigeadh rath da guidhe, cha robh duan a h-eòlais gun bharantachd:

Chaidh Iosa air turus a-mach, is
choinnich air fògrach fann:
Thog E boiseag de dh’fhuaran glan,
a chrath E bho bhonn gu cheann.
Thuirt e: ‘Saor bi bho chron; cha’n
fhaigh naimhdeas lanna ort buaidh.’
Mar a rinn thus Iosa sid, dean
mar an ciadna so!

Dhrùigh saobh nam briathran ud air Iain mar mholadh bàird air leannan. Dh’fhàg e beannachd aig a mhàthair; is rinn e air a’ chladach (far an robh an sgoth chaol ri port), is ceum caora-nollaig aige. Oir dh’earb e ri Eilidh, gu’n leigeadh e fios do Ghilleasbuig Mac an Tòisich, is Alasdair Aonghais, a choinneachadh aig ìochdar Aisig.

Mun gann a ghabh ianlaidh nan sgrota sgèan, bha Iain, is bréid beag ri crann aige ’togail na Sgeire Góbhlaich eadar e is Eilean-na-ruadhach.

Cluinnear fhathasd mar a chaidh a thurus leis.

  1. fuaim bog fliuch
  2. di-thlachd no mi-chion.
  3. rùnrach aréir an fhoclair
  4. éideadh-catha
  5. diachainn ghoirt